Adapted and woven from the prayers and teachings of St. Francis of Assisi, Śāntideva’s Bodhicaryāvatāra, and the collected blessings of Alexander Carmichael’s Carmina Gadelica, and from Tolkein.
Ùrnaigh nan Naoi Beannachdan
Prayer of the Nine Blessings
Gun robh mi nam inneal sìthe.
May I be an instrument of peace.
Far a bheil fuath, gun cuir mi gràdh.
Where there is hatred, may I sow love.
Far a bheil teagamh, gun cuir mi dòchas.
Where there is doubt, may I sow hope.
Far a bheil eu-dòchas, gun cuir mi aoibhneas.
Where there is despair, may I sow joy.
Far a bheil leòn, gun toir mi slànachadh.
Where there is injury, may I bring healing.
Far a bheil dorchadas a’ gabhail còmhnaidh, gun giùlain mi solas a’ ghliocais.
Where darkness dwells, may I bear the light of wisdom.
Far a bheil eas-aonta, gun toir mi co-sheirm.
Where there is discord, may I bring harmony.
Gun robh mi nam threòraiche do gach fear-siubhail air an t-slighe,
May I be a guide for all travellers upon the way,
Gun robh mi nam dhrochaid, nam bhòrd, nam long
May I be a bridge, a board, a ship
do gach neach a tha a’ sireadh dol thairis air uisgeachan an aineolais.
for all who seek to cross the waters of ignorance
Gun robh mi nam eilean tèarmainn anns a’ mhuir sin,
May I be an island of refuge in that sea,
nam thobar ann am fàsach gach cridhe,
a well in the desert of every heart,
nam bhata don eilthireach sgìth,
a staff to the weary pilgrim,
agus nam lòchran do na tha a’ sireadh solais
and a lamp to those who seek light
anns an dorchadas nuair a thèid gach solas eile à bith.
in the darkness when all other lights go out
Gun robh mi nam sgàil anns an teas
May I be shade in the heat
agus nam dhìdean anns an fhuachd;
and shelter in the cold;
nam shùilean dhaibhsan nach fhaic,
eyes to those who cannot see,
agus nam shlàinte dhaibhsan a tha a’ fulang.
and health to those who suffer.
Gun robh mi nam thùs comhfhurtachd do na sgìth,
May I become a source of comfort to the weary,
nam bhratach sìthe air an raon,
a banner of peace on the field,
agus nam chompanach air gach rathad.
and a companion upon every road.
Mar a tha an talamh a’ cumail suas gach creutair,
As the earth supports all creatures,
mar a tha a’ mhuir a’ giùlan gach soitheach,
as the sea bears every vessel,
agus mar a tha na reultan a’ stiùireadh an luchd-siubhail,
and as the stars guide those who wander,
gun robh mi nam thaic do gach beatha ge b’e àite anns am faigh mi i,
may I be a support for all life wherever I find it,
gus an ruig gach creutair an cladach as fhaide ud.
until all beings reach that farthest shore.
Amhain.
Amen.
Leave a comment